Ghàidhlig

Co-ionannachd Chothroman

Tha e mar rùn againn sluagh agus gnothachasan na h-Alba a chuideachadh gus soirbheachadh.

Gus sin a dhèanamh, tha sinn a’ cur taic ri co-ionannachd chothroman, an dà chuid mar fhastaiche agus anns na seirbheisean a’ tha sinn a toirt seachad.

Tha na stuthan agus na seirbheisean againn fosgailte do shluagh na h-Alba uile, ge bith dè an cinneadh, gnè, ciorram, aois, creideamh no gnè feise a tha aca. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil iomadachd na bhuannachd don a h-uile neach agus gnothachas san dùthaich.

Tha adhbharan moralta agus laghail ann gus co-ionannachd chothroman a bhrosnachadh, ach tha e cuideachd mar phàirt de bhuileachadh làn chomas eaconamachd na h-Alba. Le bhith a’ gabhail ri co-ionannachd chothroman tha sinn a’ cuideachadh gus lùghdachadh a thoirt air na buaidhean a bheir nas lugha luchd-obrach agus luchd-obrach nas aosta air eaconamaidh na h-Alba anns an àm ri teachd.

Tha argamaid làidir gnothachais ann cuideachd airson companaidhean Albannach a bhith a’ cur fàilte air iomadachd. Tha rannsachadh a’ toirt fa-near gu bheil poileasaidh co-ionannachd chothroman èifeachdach a’ cuideachadh ghnothachasan gus luchdobrach a chumail agus margaidhean ùra a lorg. Mar eisimpleir, tha daoine ciorramach ann an Alba a’ cosg timcheall air £5bn gach bliadhna.

Faodaidh sibh bruidhinn ri duine sam bith dhen luchd-obrach againn ma tha cuideachadh a dhìth oirbh gus ruighinn air gin sam bith dhe na stuthan agus na seirbheisean againn. Mura h-i a’ Bheurla a’ chiad chànan agaibh no ma tha sibh gann san fhradharc agus ag iarraidh cuideachadh gus na seirbheisean againn fhaotainn, fònaibh chun an Loidhne-cuideachaidh againn air 0845 607 8787.

Scottish Enterprise is a Stonewall  Diversity Champion, promoting diversity in the workplace.Positive About Disabled PeopleScottish Enterprise is an Age Positive Employer Champion